Iomairt Shòisealta & Planadh Cànain
Topic outline
- General
General
- Iomairt Shòisealta & Planadh Cànain | Social Enterprise & Language Planning
Iomairt Shòisealta & Planadh Cànain | Social Enterprise & Language Planning
(To access this in the Irish language, click here)
’S e prògram ùr a tha seo a bheir cothrom do luchd-labhairt na Gàidhlig agus na Gaeilge buaidh a thoirt air leasachadh iomairt shòisealta agus dealbhadh cànain nan sgìrean.
Cuidichidh am prògram stiùirichean gus tuigse fhaighinn air nàdar iomairtean sòisealta agus dealbhadh cànain a tha ag atharrachadh gu luath, agus am pàirt chudromach a dh’ fhaodas iad a ghabhail ann an leasachadh nan iomairtean sin, agus dèanamh cinnteach gu bheil iomairtean air an stiùireadh ann an dòigh a tha a’ smaoineachadh air a’ mhargaidh, agus a tha seasmhach agus co-obrachail aig an aon àm. Nì sinn sgrùdadh mionaideach air iomairtean sòisealta agus dealbhadh cànain, a’ taisbeanadh eisimpleirean practaigeach, agus a’ smaoineachadh air mar a tha iad a’ toirt buaidh air àitaichean agus air daoine eadar-dhealaichte.
Bidh thu an sàs ann an ionnsachadh thar-chultarach gus tuigse fhaighinn air mar a tha leasanan bho Ghaeltacht na h-Èireann buntainneach don deasbad ann an Alba mu na ‘Areas of Linguistic Significance’ mar a tha air a mhìneachadh ann an Achd nan Cànanan Albannach 2025. Aig an aon àm, bidh luchd-ionnsachaidh Èireannach a’ ceangal ri daoine a tha ag obair ann an iomairtean sòisealta stèidhichte air àite aig a bheil ceangal làidir ris a’ Ghàidhlig ann an Alba agus a’ faighinn ionnsachadh ùr airson na co-theacsan aca fhèin.
_____
This is a ground-breaking new programme to enable Irish and Scottish Gaelic speakers to shape the development of social enterprise and language planning in their regions.
The programme will help aspiring and current leaders to understand the rapidly changing nature of social enterprise and language planning, and the critical role they can play in the development of these, and ensure that initiatives are market-led, sustainable and collaborative. We will explore social enterprise and language planning in detail, presenting practical examples, and uncovering how they on your local place and people.
You will engage in cross-cultural learning to understand how lessons from the Irish Gaeltacht are relevant to current discussion in Scotland around the 'Areas of Linguistic Significance' as outlined in the Scottish Languages Act 2025. Meanwhile, Irish learners will connect with those working in place-based social enterprises with a strong connection to the Gaelic language in Scotland and gain learning which can be applied in your own contexts.
Cò dha a tha e? | Who is it for?
Tha am prògram seo gu sònraichte airson an fheadhainn a tha ag obair ann an dreuchdan maoinichte le 'Sgeama Oifigearan Gàidhlig' Bhòrd na Gàidhlig no le Ùghdarras na Gaeltachta.
Thèid am prògram a lìbhrigeadh sa Bheurla ach feumaidh com-pàirtichean a bhith fileanta ann an Gàidhlig no Gaeilge. ‘S e neach-labhairt Gàidhlig na h-Alba a th’ anns an neach-cuideachaidh againn agus thèid cothroman a thoirt do chom-pàirtichean Èireannach is Albannach na cànanan aca fhèin a chleachdadh far a bheil sin comasach.
_____This programme is primarily for those working in posts funded Bòrd na Gàidhlig's 'Gaelic Officers Scheme' and Údarás na Gaeltachta's.
The programme will be delivered in English but participants must be fluent in Irish or Scottish Gaelic. Our facilitator is a Scottish Gaelic speaker and opportunities will be given to Irish and Scottish participants to use their respective languages where possible.
Fiosrachadh mun Phrògram | Programme Details
Tachartas ann an Gaillimh
Dimàirt 24 - Diardaoin 26 Màrt 20262 x seisean air-loidhne feasgar Diardaoin tro Zoom
Cinn-latha ri aontachadhTachartas ann an Leòdhas
Dimàirt 26 - Diardaoin 28 Cèitean 2026Residential programme in Galway
Tuesday 24 - Thursday 26 March 20262 x online guest speaker sessions on Thursday evenings via Zoom
Dates TBCResidential programme in Lewis
Tuesday 26 - Thursday 28 May 2026Cosgais: Tha maoineachadh ann airson àite-fuirich, biadh, cosgaisean siubhail, agus am prògram fhèin le taing gu Bòrd na Gàidhlig agus Údarás na Gaeltachta.
_____
Cost: Accommodation, meals, travel expenses, and programme fees are fully funded thanks to Bòrd na Gàidhlig agus Údarás na Gaeltachta.
Thought provoking, empowering, long lasting and relevant. - Cruthaich plana airson leasachadh seasmhach planadh cànain agus iomairt shòisealta san sgìre agad, a’ cleachdadh Gàidhlig agus Gaeilge mar phrìomh neart.
- Leasaich do sgilean ceannais gus do phlanaichean a chur an gnìomh
- Dèan plana airson leasachadh seasmhach do bhuidhnean agus/no d’ obair fhèin.
- Faigh lìonra co-aoisean de stiùirichean bho air
feadh Èirinn agus Alba aig a bheil ùidh sa chànan aca.
____
- Create a strategic vision for the sustainable development of language planning and social enterprise in your area, using Irish and Scottish Gaelic language as a key strength and driver.
- Develop your leadership skills to realise this vision.
- Plan for the sustainable development of your own organisations and/or work.
- Gain an active peer network of language-focused leaders from across Ireland and Scotland.
Do Neach-Cuideachaidh | Your Facilitator

A bharrachd air a bhith na seinneadair Gàidhlig traidiseanta ainmeil a tha air seinn agus a bhith na oide air feadh an t-saoghail, tha Anna Mhàrtainn a’ ruith Whitewave – Ionad san Eilein Sgitheanaich còmhla ri a cèile Iain White.
____As well as being a well-known traditional Gaelic singer who has performed and tutored all over the world, Anne Martin runs Whitewave – Skye’s Outdoor Centre with husband John White. You can find out more about Anne here.

Tha 9 àitean air a’ phrògam do dh’ oifigearan air fhastadh tron Sgeama Oifigearan Gàidhlig, is bu chòir dhuibh ùidh a chlàradh ro Dhihaoine 23 Faoilleach 2026 aig a char as fhaide. | There are 9 available spaces on the course for officers employed as part of the Gaelic Officers Scheme, and you should register your interest by Friday 23 January 2026 at the latest.Tuilleadh Fiosrachadh | More Information
Iain Boyd | iain@socialenterprise.academy

