Topic outline
- General
General
- Liosta-Chluiche Sheasmhachd
Liosta-Chluiche Sheasmhachd
Seo a’ chiad chùrsan ionnsachaidh air-loidhne againn a tha sa Ghàidhlig a-mhàin, agus e air a dhealbh airson ar cuideachadh le bhi a’ smaoineachadh air agus a’ leasachadh ar cuid sheasmhachd fhèin. Thathas a’ cur gu feum sgrìobhadh meòrachail, agallamhan, aistean agus sgrìobhaidhean eile mu sheasmhachd, no tapachd no ge bith dè a’ Ghàidhlig a dh’iarradh sibh toirt air resilience.
Cò dha a tha e?
Tha e air dhealbh airson taic a chumail ri daoine le Gàidhlig a tha (no a dh’iarradh a bhi) ann an dreuchd ceannardais, ged a bhiodh sin ann am buidhnean coimhearsnachd, iomairtean sòisealta no ann am buidhnean taic eile.
Dreach a’ Phrògraim
Ionnsachadh air-loidhne, fèin-stiùirichte, tron Làrach Ionnsachaidh againn.
Cosgais a’ Phrògraim
Ri fhaotainn dhan luchd-ionnsachaidh gun chosgais, ri linn taic bho Bhòrd na Gàidhlig.
Tuilleadh Fiosrachaidh
David Bryan | david@socialenterprise.academy